Cooper | Am Prionnsa | E-Book | www2.sack.de
E-Book

E-Book, Scottish Gaelic, Deutsch, 204 Seiten

Cooper Am Prionnsa


1. Auflage 2025
ISBN: 978-1-80425-248-2
Verlag: Luath Press
Format: EPUB
Kopierschutz: 6 - ePub Watermark

E-Book, Scottish Gaelic, Deutsch, 204 Seiten

ISBN: 978-1-80425-248-2
Verlag: Luath Press
Format: EPUB
Kopierschutz: 6 - ePub Watermark



Anns an Ògmhios 1745, tha muinntir gleann sìtheil Thulach Neasail, Siorrachd Obar Dheathain, a' cluinntinn na naidheachd gu bheil am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart air tighinn gu tìr an Èirisgeigh. Feumaidh an t-uachdaran Teàrlach Gòrdanach agus am ministear Ualtar Syme, banntrach le triùir nighean, roghainn a dhèanamh. An toir iad an taic do na Seumasaich ann a bhith a' glacadh Crùn Bhreatainn?  Aig an aon àm air tìr-mòr na Roinn Eòrpa, tha Uilleam Augustus, Diùc Chumberland, a' cumail sùil gheur air an ar-a-mach Sheumasach, mì-fhoighidneach gus am faigh e an sàs anns a' chòmhraig.  Chan fhada gus am bi saoghal nan Gòrdanach agus nan Symes air a thilgeadh bun os cionn. In June 1745, the people of peaceful Tullynessle Glen, Aberdeenshire, hear the news that Prince Charles Edward Stuart has landed on Eriskay. The laird Charles Gordon and the minister Walter Syme, a widower with three daughters, must make a decision. Will they give their support to the Jacobites in seizing the British Crown? At the same time on the European mainland, William Augustus, the Duke of Cumberland, is keeping a close eye on the Jacobite rising, impatient until he can be involved in the conflict. It won't be long until the world of the Gordons and the Symes is thrown upside down.

Rugadh agus thogadh Graham Cooper ann an ear-thuath na h-Alba. Cheumnaich e à Oilthigh Obar Dethain mar dhotair agus thàinig e gu bhith na dhotair lannsa. Ged a chaidh a' mhòr chuid den obair aige a dhèanamh ann an Alba, chuir e seachad ùine ann an Èirinn a Tuath, Sasainn agus Nepal.  An dèidh dha a dhreuchd a leigeil dheth, thòisich e Gàidhlig ionnsachadh. Rinn e clasaichean oidhche ann an Obar Dhethain agus e cùrsa no dhà aig Sabhal Mòr Ostaig.   Tha e an-diugh a' fuireach ann an Siorrachd Obar Dhethain far a bheil e fhathast a' gabhail pàirt ann an tachartasan Club Gàidhlig. Graham was born and brought up in the North East of Scotland and graduated from the University of Aberdeen in medicine, embarking on a surgical career. Although most of his work was done in Scotland, he spent time in Northern Ireland, England and Nepal.  After retiring, he began learning Gaelic at local night classes and consequently enrolled in some courses at Sabhal Mòr Ostaig. He lives in rural Aberdeenshire now where he still participates in local Gaelic classes and events.
Cooper Am Prionnsa jetzt bestellen!

Autoren/Hrsg.


Weitere Infos & Material


1

A’ Choinneamh

Mansa Thulach Neasail, Siorrachd Obar Dheathain, 2na den Lùnastal 1745

‘CÒ AM FEAR ÒG a tha sin? Cha mhòr nach eil e nas eireachdaile na an t-uachdaran Teàrlach fhèin!’

‘Nach ist thu, a Bharaball!’ fhreagair Màiri. ‘’S e duine uasal a th’ ann. Agus bidh e na Chaitligeach, tha mi cinnteach. ’S dòcha gu bheil e pòsta!’

Bha Baraball, an t-searbhanta aig a’ mhansa, na boireannach bòidheach, beòthail, fichead bliadhna a dh’aois. ‘Bha mi dìreach ag ràdh gur e duine tapaidh a th’ ann,’ ars ise. ‘Agus tha aoighean tapaidh aig an taigh seo cho gann ri rionnagan air oidhche fhrasaich.’

Bha am fealla-dhà a’ còrdadh ri Màiri, sia bliadhna deug a dh’aois agus an nighean a bu shine do mhinistear Thulach Neasail, ged a dh’fhaodadh giùlan Barabaill a bhith mì-mhodhail aig amannan – agus bha beul ro luath aice. Na suidhe ri tac an teine, bha Mairead, dàrna nighean a’ mhinisteir, a’ toirt glùn do a piuthair bhig Iseabail – cha robh ise ach bliadhna a dh’aois.

Bha aodach dubh air Màiri agus Mairead mar chomharradh gun robh iad a’ caoidh am màthar a bha air caochladh o chionn deich mìosan. Bha dreasa fhada dhonn air Baraball, a falt den aon dath ann am figheachan sgiobalta fo a currac.

‘Nach tèid sinn a thoirt sùil air?’ dh’fhaighnich Baraball le gàire beag. ‘Tha botal de chlàireat agam an seo. An toir thu leat na glainneachan, a Mhàiri?’

Cha b’ ann tric a chluinnte gàire anns a’ mhansa o chionn ghoirid – bha an teaghlach air a bhith fo neul dorcha. Mar sin dheth, bha e air togail a thoirt do Bharaball nuair a nochd an dithis fhear am feasgar ud gus facal fhaighinn air a’ mhinistear: Teàrlach Gòrdanach, Siathamh Fear Thìr Preasaidh, agus an duine òg a bha na chuideachd. Bha Teàrlach gu math aithnichte anns an sgìre – cha robh Caisteal Thìr Preasaidh ach mìle air falbh bhon eaglais – agus ged a bha an duine òg na shrainnsear bha e follaiseach gun robh iad càirdeach dha chèile. Cha b’ e dìreach gun robh iad àrd, duineil ach gun robh sròn mhòr uasal aca. Bha roinneagan glasa ann am falt donn Theàrlaich, agus e a’ sreap ri trì fichead bliadhna a dh’aois.

Cha robh an t-Urr Ualtar Syme, ministear na h-Eaglaise Stèidhichte ann an Tulach Neasail, cho àrd no cho tapaidh ’s a bha na Gòrdanaich ach bha e seang, sùbailte na bhodhaig bho bhith a’ coiseachd timcheall na paraiste. Bha e leth-cheud ’s a trì bliadhna a dh’aois agus ged a bha fhalt dualach cho geal ris a’ chanach bha rudeigin balachail mu aodann. Mar a bha àbhaisteach dha, bha aodach dubh air, agus coilear cruinn geal a’ mhinisteir mu amhaich.

Bha Ualtar air a dhòigh glan fàilte a chur air an dithis Ghòrdanach – bhiodh beagan còmhraidh a’ còrdadh ris agus a’ toirt leisgeul dha obair-deasachaidh an t-searmoin aige a chur an dàrna taobh airson greis. A thuilleadh air sin, bha e an dòchas gun gabhadh na h-aoighean glainne fìona còmhla ris.

Lean Baraball ceumannan Màiri a-steach do sheòmar-suidhe an taighe far an robh Ualtar Syme agus na Gòrdanaich nan seasamh ri taobh na h-uinneige a’ gabhail beachd air an t-sìde.

Nuair a chunnaic Teàrlach Gòrdanach Màiri, chrom e a cheann rithe. ‘Ciamar a tha thu, a Mhaighdean Syme?’ dh’fhaighnich e.

‘Tha mi gu dòigheil, tapadh leibh, a dhuin’ uasail.’

‘Am faod mi do chur an aithne an fhìr-dàimh agam, am Morair Lewis Gòrdanach, bràthair Chosmo, Diùc Ghòrdain?’

Rinn Màiri beic ris an duine òg agus fhreagair esan le cromadh-cinn. Bha fiamh a ghàire air aodann Ualtair – bha e moiteil à modhalachd na h-ighne aige.

‘Tha mi toilichte a bhith a’ faighinn cothrom,’ lean Teàrlach Gòrdanach air, ‘taing a thoirt dhut ’son an leighis a chuir thu thugam o chionn ghoirid.’ Thionndaidh e chun a’ Mhorair Lewis. ‘Thuit mi bhàrr an eich agam agus bha mo ghualann goirt, ach rinn leigheas Màiri feum dhomh gun teagamh sam bith.’

‘’S e Baraball a spìon na luibhean, a dhuin’ uasail. B’ i mo mhàthair nach maireann a theagaisg dhuinn dè na luibhean a bhiodh èifeachdach mar leigheas.’

‘Tha Baraball fiosrach, ma-thà,’ fhreagair Teàrlach, a’ toirt sùil air an t-searbhanta. ‘Dh’fheumadh eòlas a bhith agad air na luibhean leighiseach agus air na luibhean puinnseanach.’

Thàinig rudhadh gu gruaidhean Barabaill. ‘Tapadh leibhse, ach dh’ionnsaich a’ Bh-Uas Syme nach maireann dhomh gum bu chòir dhomh leigheas sam bith a thoirt dhan Urr Syme an toiseach, a dhèanamh cinnteach nach eil puinnsean ann mus toirinn dhan euslainteach e.’

Rinn Ualtar Syme, a bha air a bhith ag èisteachd gu dlùth ris a’ chòmhradh seo, lasgan gàire. ‘Agus ’s ann dhutsa a bu chòir, a Bharaball! ’S ann dhutsa a bu chòir!’

Fhad ’s a bha na fir ri mire, dh’fhàg Màiri agus Baraball na glainneachan agus am botal fìona air a’ bhòrd agus ghabh iad an cothrom a bhith a’ tarraing às an t-seòmar gu socair.

Lìon Ualtar na glainneachan. Thug e tè an urra do na fir agus thog e a’ ghlainne aige fhèin ‘Gu ma fada beò an rìgh!’ ars esan.

Choimhead na Gòrdanaich air a chèile. ‘An rìgh!’ fhreagair iad.

‘A dhaoin’ uaisle,’ ars Ualtar, ‘tha seo na urram mòr dhomh. Cha tug mi aoigheachd riamh do dh’fhear de Ghòrdanaich Hunndaidh. Tha mi toilichte ur coinneachadh, a Mhorair Lewis. Nach suidh sibh sìos?’

Nuair a bha an triùir aca nan suidhe aig a’ bhòrd, cha do chuir Teàrlach Gòrdanach dàil air mìneachadh a thoirt do dh’Ualtar air fàth an turais. ‘A Mhaighstir,’ ars esan ris a’ mhinistear, ‘bidh am Morair Lewis a’ cumail cluas ri claisneachd airson naidheachd chudromach sam bith. Tha pìos naidheachd inntinneach aige a bu toigh leis innse dhuibh.’ Thionndaidh e ris an fhear òg.

Ghnog Lewis a cheann. ‘Am faod mi bruidhinn ribh gu dìreach air a’ chuspair, a Mhaighstir Syme?’

‘Faodaidh, gu dearbh,’ fhreagair am ministear. Bha a ghnùis gun fhiamh a-nis, agus e ag èisteachd gu dlùth ris a’ Ghòrdanach òg.

‘O chionn seachdain, thàinig am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart gu tìr an Èirisgeigh. ’S e a tha fa-near dha sealbh a ghabhail, mar thàinistear, air crùn athar, crùn Bhreatainn. Tha mi a’ dol a thogail shaighdearan dhan arm aige bhon sgìre seo. Tha mi ’n dòchas gun toir sibh ur taic dhuinn.’

Cha do fhreagair Ualtar Syme airson treis. Bha coltais air gun robh e air chall na chuid smaointean.

‘Chan eil fhios agam ciamar a chuidichinn sibh, a Mhorair Lewis, agus mise nam mhinistear na h-Eaglaise Stèidhichte. Agus, le spèis, bu toigh leam cur nur cuimhne gur gann gu bheil bliadhna air a dhol seachad on a chaill mi mo bhean. Tha mi fhathast ga caoidh.’

‘Tuigidh mi sin, a Mhaighstir, agus cha bhithinn airson uallach a bharrachd a chur oirbh. Ach tha mi an dòchas gun taisbeanadh sibh do mhuinntir na sgìre seo gu bheil sibh den bheachd gur e Seumas Frangaidh Eideard Stiùbhart rìgh dligheach crùn Bhreatainn.’

Cha tuirt Ualtar facal. Bha e a’ coimhead air an làr.

Lean am Morair Lewis air adhart. ‘Bidh eòlas agaibh air an sgeul, mar a thug buidheann de dh’àrduaislean Sasannach cuireadh do dh’Uilleam Orains sealbh a ghabhail air a’ chrùn. Chuir iad teicheadh air an Rìgh Seumas, athair Sheumais Fhrangaidh Eideird. Bha aige ri dhol dhan Fhraing cho luath ’s a ghabhadh, esan a chaidh ungadh mar rìgh Bhreatainn agus na h-Èireann ann an sealladh Dhè! Cha do leig e dheth an crùn idir. ’S ann le foill a chuir na h-uachdarain e às a dhreuchd rìoghail ’s a thilg iad a-mach e. On toiseach, rinn Uilleam tàir air na h-Albannaich, gu h-àraidh air muinntir na Gàidhealtachd. An uair sin, spàrr na Sasannaich am pòitear Gearmailteach sin oirnn mar ar rìgh… na h-urracha-mòra ann an Lunnainn, dè an gnothach a th’ aca rinne ann an Alba? Cha leig mi leas a ràdh nach eil Alba, taing do dh’Achd an Aonaidh, ach mar mhòr-roinn de Shasainn. Tha an t-àm ann a’ chuing ud a thilgeil far ar muineal!’

Thog Teàrlach Gòrdanach a làmh gus casg a chur air briathran sgaiteach, geura an fhir òig. ‘A Mhaighstir Syme,’ thuirt e gu socair, ‘chan urrainn e a bhith gu bheil iarrtas a’ Mhorair Lewis a’ cur iongnadh oirbh. Chuala mi gun do chuireadh ur n-athair-chèile, an t-Urr Seumas Gòrdanach, às a dhreuchd mar mhinistear Rìoghnaidh ann an seachd ceud deug ’s a sia-deug air...



Ihre Fragen, Wünsche oder Anmerkungen
Vorname*
Nachname*
Ihre E-Mail-Adresse*
Kundennr.
Ihre Nachricht*
Lediglich mit * gekennzeichnete Felder sind Pflichtfelder.
Wenn Sie die im Kontaktformular eingegebenen Daten durch Klick auf den nachfolgenden Button übersenden, erklären Sie sich damit einverstanden, dass wir Ihr Angaben für die Beantwortung Ihrer Anfrage verwenden. Selbstverständlich werden Ihre Daten vertraulich behandelt und nicht an Dritte weitergegeben. Sie können der Verwendung Ihrer Daten jederzeit widersprechen. Das Datenhandling bei Sack Fachmedien erklären wir Ihnen in unserer Datenschutzerklärung.